Àireamhair GNOME

Dèan cunntadh àireamhachd, saidheansail no ionmhais

’S e prògram a tha san Àireamhair GNOME a dh’fhuasglas co-aontaran matamataigeach. Ged a tha coltas an àireamhair shìmplidh air aig nach eil ach obrachaidhean àireamhach bunasach, gabhaidh leum a ghearradh gun mhodh adhartach, ionmhais no prògramachaidh le comasan annasach.

Cuiridh an t-àireamhair adhartach taic ri iomadh obrachadh, a’ gabhail a-steach: log-àireamhan, factarailean, foincseanan triantanach ’s os-bhoileach, roinneadh mòidealais, àireamhan iom-fhillte, gintinn àireamh air thuaiream, factarachadh ann am prìomh-àireamhan agus iompachadh aonadan.

Cuiridh am modh ionmhais taic ris caochladh de chunntaidhean, a’ gabhail a-steach luadh-rèidh o àm gu àm, luach làithreach ’s ri teachd, dìmeasadh crìonaidh dhùbailte ’s loidhne dìrich agus mòran a bharrachd.

Cuiridh am modh prògramachaidh taic ri iompachadh eadar bunaitean coitcheann (bìnearaidh, ochdach, deicheach ’s sia-dheicheach), ailseabra Booleach, co-shlànachadh aon ’s dà, iompachadh o charactar gu caractar agus a bharrachd.

Get involved

Explore the interface

Get to know us

More Information

Learn more

Visit the online help page for this app.

Project homepage

Visit the dedicated homepage for this project.

Newest Release

Latest version 40.1 released on 30mh dhen Ghiblean 2021.

App is translated

This app is available in your language.